Pròiseact Lasair Ealain le clann Bhun-sgoil Shlèite

Transcription

Pròiseact Lasair Ealain le clann Bhun-sgoil Shlèite
Pròiseact Lasair Ealain le clann Bhun-sgoil Shlèite
AN DEALBH MÒR
AN DEALBH MÒR
Le clann Bhun-sgoil Shlèite
Bha An Dealbh Mòr cho innleachdach is ùr-ghnàthach a chunnaic mise a-riamh a’ tachairt ann am foghlam
Bun-sgoile. A’ tarraing air an àite, air a’ chànan is air a’ chultar shònraichte aca, chruthaich an luchd-teagaisg, na
sgoilearan agus na pàrantan tachartas ionmholta a dh’fhàgas dìleab luachmhor aig Slèite, aig an Eilean agus aig
ar dùthaich. ’S fhada gus an tèid an latha às mo chuimhne a thadhail mi air Slèite gus am pròiseact fhaicinn agus
gus èisteachd ris a’ chloinn ag innse mun rud inntinneach is feumail is foghlamach a bha seo san robh iad an
sàs. Tha am pròiseact na dheagh eisimpleir air mar a chuireas Bun-sgoil bheag tionnsgnadh an lùib foghlaim gus
iomadh taobh den Churraicealaim air Feabhas a choileanadh. ’S e tha seo ach pròiseact iomairt coimhearsnachd
de fhìor dheagh ghnè.
Bruce Robertson Stiùiriche an Fhoghlaim, Roinn na Gaidhealtachd
The An Dealbh Mòr project was one of the most innovative and exciting developments that I have seen in
Primary education. Using their unique location, language and culture, the staff, pupils and parents created a
wonderful experience that leaves such a rich legacy for Sleat, Skye and our nation. I will always remember my visit
to Sleat to see the project and listen to the youngsters tell their tales of such an interesting and worthwhile learning
experience. The project is an excellent example of how a small Primary School can use enterprise in education
to deliver many of the aspects of the Curriculum for Excellence.
This was a community enterprise project of the highest calibre.
Bruce Robertson Director of Education, Highland Council
‘S e tha seo ach fìor dheagh eisimpleir air obair ealain nua-aimsireil ann an gnìomh anns na h-ealain
lèirsinneach agus anns na h-ealain choileanaidh, a’ dèanamh ceangal ri amasan Riaghaltas na h-Alba a thaobh
Foghlaim is Gàidhlig. Eisimpleir de na lùigeadh tu a thigeadh mar thoradh air ‘còirichean cultarach’ a bhith air an
aithneachadh.’
Maggie Maxwell
Ceannard Roinn na Co-ionnanachd (SAC)
‘This is such an excellent example of the best of contemporary art practice in visual arts and performing arts,
linking with the Scottish Executives priorities in Gaelic and education. The sort of example you would hope that
‘cultural entitlements’ may lead to....’
Maggie Maxwell Head of Equalities, Scottish Arts Council (SAC)
1
Roi-ràdh
Tha An Dealbh Mòr na phròiseact ealain is coileanaidh ann an Gàidhlig is Beurla, air a ruith le clann Lasair
Ealain còmhla ri Julie Brook (prìomh neach-ealain) agus Catrìona NicLèoid (neach-ealain Gàidhlig/An Tuireann)
agus sgioba de luchd-ealain à Bun-sgoil Shlèite agus Sgoil Àraich Shlèite. Tha An Dealbh Mòr a’ dèanamh fèill
air cruth-talmhainn ceann a deas an Eilein Sgitheanaich.
‘S e buidheann chloinne a th’ annainn, air a bheil Lasair Ealain mar ainm. Chuidich sinne le rianachd is ruith an
Deilbh Mhòir. Chuir sin taic ri iomairt a thionail £84,000 gus am pròiseact a mhaoineachadh.
’S e ar n-amas, san fhad-ùine, pròiseactan ealain adhartach, inntinneach, ùr-ghnàthach a chur air dòigh còmhla
ri luchd-ealain phroifeiseanta à taobhan eadar-dhealaichte de shaoghal nan ealan.
Introduction
An Dealbh Mòr is the Gaelic/English visual arts and performance project run by the children of Lasair Ealain in
collaboration with Julie Brook (lead artist) and Kath NicLeòid (Gaelic artist/An Tuireann) plus a team of artists
involving Sleat Primary School and Sgoil Araich, celebrating the landscape of South Skye.
Lasair Ealain means a blaze of art. We are an association of children who have helped to organise and run An
Dealbh Mòr. We helped raise £84,000 to fund the project.
Our long-term aim is to set up and manage innovative, ambitious and exciting art projects in collaboration with
professional artists of differing disciplines.
2
DEALBHAN AGUS PEANTAIDHEAN ULLACHAIDH
Cidhe Armadail, Slèite
Armadale Pier, Sleat
Ag obair ann an leabhar-dhealbh le pionsail 6B
Working in drawing book with 6B pencil
Aiseag Chal Mac, gual-fhiodh air pàipear A1 54 x 75 cm
Cal Mac ferry, charcoal on A1 paper 54 x 75 cm
Sabhal Mòr Ostaig
Cnuideart à gàrradh na sgoile
Knoydart from school garden
Eadar An Giblean is An Damhair 2005, chaidh sinn a-mach a h-uile seachdain timcheall na sgìre còmhla ris an luchd-ealain, Julie is Catrìona
no Sarah Jane Nic an t-Saoir, gus dealbhan a tharraing de chruth na talmhainn nar leabhraichean. Thilleamaid dhan sgoil, an uair sin, is
dhèanamaid dealbhan mòra (meud A1) le gual-fhiodh às na dealbhan nar leabhraichean.
Nuair a dh’fhàs sinn math air a bhith a’ tarraing dhealbhan, thòisich sinn a’ cleachdadh dath-uisge nar leabhraichean is air a’ phàipear A1, is
sinn ag ullachadh mu choinneimh deilbh a bha gu bhith tòrr na bu mhotha.
5
WORKING DRAWINGS AND PAINTINGS
Blàbheinn às na Torran, An t-Earrach
Blàbheinn from Torrin, Spring
Tarraing Bhlàbheinn a-muigh, Gual-fhiodh air pàipear A1
Drawing Blàbheinn outside, Charcoal on A1 paper
Between April and October 2005 we went out every week around South Skye with artists Julie and Kath or Sarah Jane MacIntyre to draw the
landscape from observation in our sketchbooks. We then went back to the school to make big charcoal drawings (A1) from our sketches.
Once we’d got really good at our drawing we began using watercolour both in our sketch books and on the A1 paper to prepare ourselves for
the much larger scale painting.
6
7
Peantadh san talla lùth-chleas, dath-uisge air pàipear A1
Painting in gym, watercolour on A1 paper
Peantadh a-muigh, Tarsgabhaig - An Samhradh
Painting outside,Tarskavaig - Summer
Gleann an Ùird, Am Foghar
Ord valley, Autumn
Sligeachan, Am Foghar
Sligachan, Autumn
Ealaghol
Elgol
Leabhraichean-Dhealbh
Drawing books
An Cuiltheann, Gual-fhiodh air pàipear A1
An Cuiltheann, Gual-fhiodh air pàipear A1
An t-Òrd
Ord
Rowan Dust-Ambler P3
8
9
Còmhradh aig deireadh an latha
End of day discussion
Dathan-uisge ann an leabhar-dhealbh
Water Colours in drawing book
Garbh Bheinn, Na Torran – An Samhradh
Garbh Bheinn,Torrin - Summer
Còmhradh san talla lùth-chleas
Discussion in gym
An Sgoil Àraich, Lios Chloinn Dòmhnaill – An Samhradh
Sgoil Araich, Clandonald Castle gardens - Summer
Gleann an Ùird, Dath-uisge air pàipear A1 Màiri NicConghail P7
Glen Ord, Watercolour on paper A1 Mairi MacConnell P7
Òraid mu gheòlas, Ealaghol
Geology talk, Elgol
An luchd-teagaisg le an dealbhan, Tarsgabhaig, An Samhradh
Teachers drawing, Tarskavaig, Summer
Sligeachan, Am Foghar | Sligachan, Autumn
Taisbeanadh agus Seisean-oideachaidh le Lasair Ealain: An Tuireann, Sultain - Damhair 05
Exhibition and Lasair Ealain workshop in An Tuireann Sept - Oct 05
Bha taisbeanadh eadar-ama soirbheachail againn le cuid de na dealbhan seo san Tuireann. Chùm Lasair Ealain seisean-oideachaidh gus
na ionnsaich sinn fhèin a theagasg do dhaoine eile is thug sinn a-mach iad latha airson dealbhan a tharraing. Chaidh iarraidh oirnn seo a
dhèanamh a-rithist a chionn ’s gun do chòrd e cho mòr ri daoine!
We had a very successful interim exhibition of these drawings and paintings at An Tuireann, Isle of Skye.
Lasair Ealain held a workshop to teach the public what we have learned and we took them out for a day, drawing. People have asked if we will
do this again because it was so popular!
10
Gleann an Ùird, Am Foghar - obair latha Raonaid Nìcleoid P7
Glenn Ord, Autumn - working process in 1 day
Druim an Fhuarain às na Torran, Gual-fhiodh air pàipear A1
11
Rhona NicAoidh P6
An t-Ìochdar,An Àird, Dath-uisge air pàipear A1
Uilleam Hannah P4
An Cuiltheann à Ach na Cloiche Stella Brook Young P2
Cuillin from Ach na Cloiche - working process
Gleann an Ùird, Am Foghar – Trang ag obair!
Ord valley, Autumn - working process
Kylie Dhòmhnallach P5
12
An Cuiltheann Dearg à Loch Aineart, Dath-uisge air pàipear A1
Loch Chille Chriosd, Dath-uisge air pàipear A1
13
Linda Spence P5
Aonghas O’Miadhachain P2
An t-Ìochdar, An Àird, Dath-uisge air pàipear A1
Crìsdean Dòmhnallach P6
Eilean Eige bhon Àird, Dath-uisge air pàipear A1
Winnie Brook Young P6
14
Tha tarraing dhealbhan a’ toirt innleachd dhuinn dhar beatha.
Tha e annainn aig aois glè òg a bhith a’ tarraing dhealbhan mar mheadhan air sinn fhìn a chur an cèill. Fhad ’s a tha sinn ag obair air
dealbh, tha nithean nas soilleire dhuinn. Gheibh sinn air ar nàdar a leigeil ris agus, le eòlas is cleachdadh, nì e mothachail sinn air ar
fèin-aithne - ag innse dhuinn cò sinn san àrainneachd sa bheil sinn beò. ’S e bunait làidir a tha sin do chloinn agus cuiridh e air an
t-slighe iad gu tuilleadh foghlaim.
Chithear san Dealbh Mhòr, na dhlùth ’s na inneach, eachdraidh nan cuairtean ealain a rinneadh a-muigh thairis air a’ chiad seachd
mìosan. Tha sinn a’ faicinn eòlas na cloinne air cruth na talmhainn a’ fàs, is mar a thèid aca air sin a mhìneachadh. Tha a’ chlann fhèin
a’ fàs nas comasaiche mu choinneimh na h-obrach; tha an t-sùil ’s an làmh air an saoradh; an sealladh nas gèire. Gheibh sinn
fiosrachadh cuideachd mu na faireachaidhean aca. Aig an ìre as adhartaiche, tha am pearsa uile is am mothachadh uile ga nochdadh
nuair a tha sinn a’ tarraing dealbh.
Tha an luchd-ealain mar chùl-taic dhan phròiseact, a’ brosnachadh is a’ piobrachadh gach duine fa leth gus an comasan a
choileanadh - a’ chlann ’s an luchd-ealain a’ dol an ceann a chèile. Tha a’ chlann, air an ùr-mhisneachadh, a’ gabhail ceum gu
h-inntinneach air adhart dhan obair mheudaichte a tha san Dealbh Mhòr fhèin. Tha iad a’ tuigsinn a’ cheangail eadar àiteachan is
cruthan sònraichte agus tha iad deiseil gu bhith a’ tarraing còmhla mar bhuidhinn.
Tha an Dealbh Mòr le dhùbhlan fhèin, na mheud is na amasan; agus tha toil-inntinn is saothair an cois a bhith ga thoirt gu buil.
Chithear neo-eisimeileachd agus co-obrachadh an sin, spiorad an dà rud còmhla.
Tha an t-eòlas a thogas a’ chlann san obair lèirsinnich a’ leantainn dhan obair choileanaidh is iad a’ leasachadh an cuid sgilean tro
ghluasad is dannsa, tro cheòl is fuaim. Tha beachdan a’ tighinn gu bith tro chleachdadh - tro bhith a’ feuchainn.
Tha brìgh a’ phròiseict ga nochdadh sa chuirm phoblaich; an luchd-amhairc shuas gu h-àrd; a’ chlann air a dhol nam buill tachartach
- nan cuid choileanta den talamh a chruthaich iad fhèin le dealbh is ceòl.
Tha am peantadh aca a’ tionndadh na rud beò; samhlachail an dàrna h-uair, is an uair sin eas-cruthach.
Drawing is a tool for life.
The desire to express ourselves creatively begins at an early age through drawing.
When we draw we see things more clearly. It encourages our individual form of expression and with practice can give us a more acute
awareness of who we are in the environment we live in: a broad and powerful foundation for every child on which to build their
increasing educational needs.
At the heart of An Dealbh Mòr lies the steady rhythm of the working expeditions outside, over the first 7 months. The children’s
relationship with the landscape, and their response to it, grows. They are literally getting fitter. Their hand and eye are freer, their
perceptions deeper.
It is also about what they feel. At best you draw with all of yourself, all your senses.
The artists provide the structural backbone to the project, encouraging and enabling each person to flourish as themselves. A
collaboration between the artists and the children. With this accumulation of knowledge the children move onto the large scale work
with natural confidence. The relationships between certain places and forms makes sense, and their ability to work as a
complementary group.
The ambition and scale of the big painting is challenging, the realisation exciting and full of hard work. A symbiosis of individuality and
communality.
Their fitness in the visual work carries forward to the performance as they develop their skills in expressing themselves through
movement and dance, music and sound, where ideas evolve through experience, trying things out, and practice.
The essence of the project culminates in the public performances, seen from above, where the children physically become an integral
part of their own vision and musical expression of the landscape.
Their painting comes to life moving between the figurative and the purely abstract.
15
Julie Brook
DEALBH MÒR: AN DEALBH GUAL-FHIODH
LARGE COMPOSITION
Aig toiseach na Samhna 05, rinn sinn dealbh mòr (3m le 5m) le gual-fhiodh. A’ cleachdadh na bha nar leabhraichean, rinn sinn cumadh de
cheann a deas an eilein, a’ gabhail a-steach nan àiteachan air an do thadhail sinn. Cha robh sinn ach trì latha ris an obair!
At the beginning of November 05 we did a huge charcoal drawing (3m by 5m). Using our sketchbooks we plotted the whole composition of
South Skye representing all the different places we visited. It only took us 3 days!
16
17
An Dealbh Mòr, gual-fhiodh air pàipear 3m x 4.7m
An Dealbh Mòr, charcoal on paper 3m x4.7m
An Dealbh Mòr, peant acriolaic air canabhas 9m x 14m le clann Bhun-Sgoil Shlèite
An Dealbh Mòr, acrylic paint on canvas 9m x 14m by the children of Bun-Sgoil Shlèite
20
Beinn Mheadhanach agus Beinn Dearg Mhòr à Loch Aineart
Cidhe Armadail, gual-fhiodh air pàipear A1
An Cuiltheann, gual-fhiodh air pàipear A1 Brèagha Hayes P2
Suisnis, dath-uisge air pàipear A1
An Àird, dath-uisge air pàipear A1
Sgùrr nan Gillean, dath-uisge air pàipear A1
Fiann MacLeòid P3
Dealbh an Fhoghair, dath-uisge air pàipear A1
21
Ian Mackenzie P5
Calum Robertson P1
Dor Hyslop P6
Neil McInnes P5
Robbie Threfall P4
Armadal à Sabhal Mòr Ostaig, gual-fhiodh air pàipear A1 Calum MacAoidh P4
Lios Chloinn Dòmhnaill, dath-uisge air pàipear A1
Freddie Law P4
Cnuideart, gual-fhiodh air pàipear A1 James Robertson P5
Lios Chloinn Dòmhnaill, dath-uisge air pàipear A1
Ruairidh Bolus P7
An Cuiltheann, dath-uisge air pàipear A1 Rowan Dust-Ambler P4
Cadalan Tràghad, gual-fhiodh air pàipear A1
Fionn McKee P1
Sgùrr Dearg agus Glamaig, dath-uisge air pàipear A1
Stella Brook Young P3
Na Torran, dath-uisge air pàipear A1
Donnie Belcher P3
Beinn na Caillich, dath-uisge air pàipear A1
Lucy Hannah P2
22
PEANTADH AN DEILBH MHÒIR
PAINTING AN DEALBH MÒR
San t-Samhain agus san Dùbhlachd 2005, dh’obraich sinn gu dripeil (3 latha san t-seachdain) air an dealbh mhòr - toradh na h-obrach uile
gu ruige sin. Le 14m a dh’fhad is 9m a leud ann, bha e na bu mhotha na an talla fhèin!
Chan fhaigheadh sinn a dh’obair ach air earrannan dheth, ga roiligeadh air ais ’s air adhart air pìoban fada.
Cha robh sinn fada ag ionnsachadh mar a chleachdadh sinn peant acriolaig. Mheasgaich sinn le meadhanan eile e is rinn sinn fo-dhathan
dheth le còtaichean soilleir, blàth a bheireadh inneach is doimhneachd dhan dealbh.
23
Tarsgabhaig ann an sùil Cheannard na Sgoile
Head teacher painting part of Tarskavaig
During November and December 05 we worked very hard (3 days a week) on the enormous painting – the peak of this part of our art
project! At 9m by 14m it was bigger than our gym hall!
We could only work on the canvas in sections rolling it back and forward on huge lengths of drainpipe. We quickly learnt how to use acrylic
paints, mixing them with different mediums, using layers of bright warm undercolours and texture to give depth to the painting.
24
25
TAISBEANADH ANN AN SABHAL MÒR OSTAIG
EXHIBITION AT SABHAL MÒR OSTAIG
Sheall an taisbeanadh aig Sabhal Mòr Ostaig an dòigh a bh’ againn air an obair bho thùs gu èis! Bha dealbh aig gach duine againn ann am
frèam air a’ bhalla - feadhainn leis an luchd-teagaisg nam measg.
An dealbh gual-fhiodh ga chur fo pherspex le saor-thoilich on choimhearsnachd
Putting up large charcoal drawing with volunteers from the community
An luchd-ealain, Julie Brook, Piers Hellawell, Claire Pençak, Catrìona NicLeòid
The Artists
Cuirm do sgoiltean a’ tadhal, a’ filmeadh dhan BhBC
Performance for visiting schools, filming for BBC
The exhibition at Sabhal Mor Ostaig showed how we did the project from beginning to end. Every one of us, including the teachers, had a
framed drawing or painting on the wall.
26
ULLACHADH RON CHUIRM
Clann na Sgoil Àraich a’ teannadh ris an obair
Sgoil Àraich joins rehearsals
Riasladh nan Tonn
Big billow
27
REHERSALS FOR PERFORMANCE
Duet a’ tarraing air ìomhaighean às na leabhraichean-dhealbh,
Duet inspired by sketchbooks
Eadar Am Faoilleach ’s am Màrt 2006 dh’obraich sinn còmhla ri ar stiùiriche-carachaidh, Clare Pençak, ar neach-sgrìobhaidh ciùil, Piers
Hellawell, agus an luchd-ealain eile.
Thug an obair againn cunntas geòlasach air mar a thàinig an t-Eilean Sgitheanach gu bith. Leisgeul fìor mhath a bha seo dhuinn a bhith a’
sealltainn nan spreadhaidhean bholcànach a chruthaich An Cuiltheann. Rachadh An Dealbh Mòr a shìneadh a-mach air an ùrlar ann an
seòmar-ithe an t-Sabhail Mhòir, colaiste Ghàidhlig an Eilein a tha an ath-dhoras dhuinn. Dhèanadh sinne ar cluiche air an Dealbh Mhòr fhèin
- an luchd-amhairc shuas os ar cionn a’ coimhead sìos.
Còmhla ri Claire, chleachd sinn an dealbh fhèin agus beachdan às ar leabhraichean-dhealbh gus gluasad agus dannsa a chruthachadh.
Chuidich Piers sinn a’ cruthachadh fhuaimean agus ceòl innleachdach le innealan-ciùil, le ar guthan agus le rudan o muigh a leithid chlachan
agus bhocsaichean-èisg (“an splangaid”, man tuirt e fhèin!).
Sa Mhàrt thug sinn a h-uile càil còmhla ann an còig cuirmean poblach agus thàinig iad nan dròbhan a choimhead oirnn.
From January until March 2006 we worked in collaboration with choreographer, Claire Pençak, composer, Piers Hellawell, and the visual
artists.
The performance explored the geological evolution of Skye. This gave us an exciting excuse to re-enact the volcanic explosions that formed
the Cuillin. The big painting was to be placed on the floor of the cafeteria area of Sabhal Mor Ostaig, the Gaelic College in Skye, next door to
our school. We were to perform on An Dealbh Mòr with the audience looking from the balconies above.
We worked with Claire using the big painting and taking ideas from our drawing books to create movement and dance. Piers worked with us to
create experimental sounds and music using instruments, our voices and things from outside like stones and fishboxes.
In March all our work came together for 5 public performances and we had the biggest audiences ever.
28
Dorchadas, Talamh ga Cruthachadh
Murky- the beginnings
Bholcàno
Volcano
29
Deigh
Ice
An t-Eilean, Cuairt Channtaireachd
The Island, Chant Cycle
30
Lasair Ealain
Bha e eagalach math a’ chiad seic fhaighinn an dèidh na rinn sinn de dh’obair is na sgrìobh sinn de litrichean. Bha e eadar-dhealaichte na
caraidean againn a bhith a’ ruith a’ phròiseict. Bha fhios againn gum faigheadh ar beachdan èisteachd.
A bheil sibh a’ sealltainn air an t-saoghal mun cuairt oirbh le sùilean ùra a-nis?
Chòrd e rium saorsa a bhith agam suidhe le mo dhealbh fhèin. Dh’fhaodadh sinn dealbh a dhèanamh den rud a bha sinn a’ faicinn agus
rudan às ar mac-meanmnainn a chur còmhla ris. Elspeth P 5
Nuair a tha thu a’ peantadh, chan e aon uair a tha thu a’ coimhead ris an t-sealladh. Chan eil thu ga chur sìos anns a’ bhad. Tha agad ri
coimhead dhà no trì thursan mus eil thu cinnteach às. Seumas P4
Tha sinn a’ cur barrachd suim anns an àite às a bheil sinn. Marie P6
A thaobh tòna, inneach agus dath.
Uaireannan chan fhaigh thu an dath ceart air a’ chiad oidhirp. Tha agad ri sealltainn ris na diofar fhiamhan den dath, agus air inneach, mus
fhaigh thu an dath ceart. Dh’ionnsaich sinn am peant a chur air còta mu seach, le dathan air muin dhathan. Bheir seo air an dealbh a bhith
a’ coimhead nas fheàrr - nas coltaiche ri rud fìor. Fiann P4
Chì mi gu bheil na beanntan uaireannan gorm agus uaireannean eile pinc. Robbie P4
Bha e math dòighean-obrach ùra ionnsachadh a leithid a bhith a’ dèanamh dhathan fionnar agus blàth.
Crìsdean P7
Dè an rud a bu mhotha a dh’ionnsaich sibh?
Chòrd na tursan-ealain rium. Chòrd e rium a bhith a’ taghadh sheallaidhean a bha sinn fhèin ag iarraidh peantadh agus nach robh againn ri
rud a pheantadh nach robh sinn ag iarraidh. Bha e a’ ciallachadh gum b’ urrainn dhut an rud air an robh thu fhèin math a dhèanamh. Nì thu
nas fheàrr nuair a tha ùidh agad san rud a tha nad dhealbh. Bha barrachd roghainn againn agus, mar sin dheth, bha barrachd an urra rinn
fhèin. Tha e math a bith eadar-dhealaichte bho dhaoine eile. Linda P5
Bha e math gun d’ fhuair sinn deagh pheant agus deagh stuth (bruisichean is pàipear). Chan eil am peant a gheibh sinn san sgoil air an
fhear as fheàrr a chionn ’s gu bheil eagal air a’ Chomhairle gum feuch an fheadhainn as òige ri ithe, ach chan eil sinne a tha nas sine
a’ dèanamh sin. Bha e math nach robh iad a’ dèiligeadh rinn mar phàistean beaga ach gun robh cothrom againn dèanamh cho math ’s a
b’ urrainn dhuinn le dathan a bha math. Agus chòrd sin ris an fheadhainn bheaga cuideachd agus cha robh iad ri amaideas no a’ dèanamh
miastadh. Mairi P7
Bhathar a’ leigeil dhuinn rudan atharrachadh no a dhèanamh nas fheàrr, ach cha tuirt iad aon uair rinn gun robh rud, a-muigh ’s a-mach,
ceàrr. Raonaid P7
An rud a b’ fheàrr a chòrd riumsa ’s e bhith a’ cleachdadh nam paileatan-ealain proifeiseanta oir tha iad sin nas fheàrr na am peant spùtach
a gheibh thu nach urrainn dhut a mheasgachadh ceart. Matthew P4
Luachadh on chloinn mun phròiseact
Cothrom nach fhaigheadh tu a shamhail ach uair nad bheatha. Linda P5
Bha e math dha-rìribh gun robh na tidsearan ag ionnsachadh còmhla rinn. Bha sinn uile co-ionnan. Cha do dh’fhairich mi gun robh duine ga
mheas nas cudromaiche na mi, agus cha robh mi fhèin na bu chudromaiche na duine eile. Dh’obraich sinn còmhla.
Bha e coltach ri bhith a’ tasgadh airgead sa bhanca – bha an obair a chur thu a-steach ann air a phàigheadh air ais dhut - leis a’ bharrachd
- ann an toileachas inntinn! Dor P6
Bha na peantaidhean uile eadar-dhealaichte. Bha iad uile mu dheidhinn an duine a rinn iad agus bha ar faireachaidhean air an cur an cèill
annta. Tha seo a’ leigeil dhan luchd-amhairc a bhith a’ faicinn nam faireachaidhean aca fhèin anns na dealbhan, a rèir dè am fonn a th’ orra
fhèin aig an àm. Nuair a bha a’ ghrian ris, chitheadh tu an t-uisge a’ deàrrsadh agus chuireadh tu sin nad dhealbh. Bha sin cho brèagha.
Chòrd e rium gum faighinn air na faireachaidhean a bh’ agam an latha sin fhèin a chur dhan dealbh a bha mi ris. Mairi P7
Tha e àraidh mar a tha thu a’ peantadh le saorsa is tu òg ach gu bheil e nas duilghe dhut a bhith ag obair air an dòigh sin mar as sine tha thu
a’ fàs. Steaphanaidh P7
Chòrd e riumsa mar a bha sinn ag obair le clasaichean eadar-dhealaichte agus gun robh mi uaireannan còmhla ri cuideigin à Clas 1.
Rhiannon P4
Bha e math Bha e math rudan ùra ionnsachadh ionnsachadh mar dathan blath thairis air dathan fuar. Crìsdean P7
’S toigh leam an dòigh nach eil agad ris an dealbh agad a dhèanamh ann an aon dòigh, faodaidh tu a bhith saor. Raonaid P7
’S toigh leam a bhith a’ faicinn nan tidsearan ag obair, agus Julie, Kath, Sarah Jane a’ cuideachadh nan tidsearan, agus a bhith a’ faicinn nan
tidsearan aig an aon ìre rinne. Iseabail P7
31
Nithean trioblaideach!
Cha do chòrd na meanbh-chuileagan rium, boinneagan uisge a’ smaladh mo dhealbh - agus daoine a’ toirt m’ inntinn far an obair. Finlay P3
Bha mise air mo chur droil le daoine a bha a’ seasamh air mo dhealbh. Michael P4
Beachd on Luchd-theagaisg (ann an còmhradh ris an luchd-ealain)
Jeanette Maclure/Christine Robertson – Bha an luchd-ealain cho brosnachail. Bha sibh (an luchd-ealain) a’ sealltainn ris an obair aca agus
cha do chuir sibh aon uair sìos orra. Cha robh sibh ach ag ràdh riutha gun deigheadh aca air a dhèanamh na b’ fheàrr le bhith a’ feuchainn
siud no seo – is sibh cho foighidneach is socair leotha. Cho brosnachail an-còmhnaidh - dhaibhsan agus dhuinne, na tidsearan. Cha
b’ urrainn na b’ fheàrr.
Julie Brook – ’S e obair dha-rìribh a tha sin. An rud a tha thu a’ dèanamh, tha thu gad leigeil fhèin ris nad dhealbh - ann an dòigh a tha dhut
fhèin. ’S e tha sinne, an luchd-ealain, a’ dèanamh ach gu bheil sinn a’ mothachadh dhan sin a’ tachairt agus a’ feuchainn ri tuilleadh dhorsan
fhosgladh dhuibh. Tha e cho taitneach dhuinne a bhith a’ faicinn dhaoine gan leigeil fhèin ris - cha b’ urrainn dhut gun sin a phiobrachadh.
Christine Robertson – Thog a’ chlann fhèin air an dòigh obrach sin agus nuair a chaidh iad fhèin os cionn seisean-ealain san Tuireann, bha
an aon dòigh acasan air an obair - fìor thaiceil. Gail Brown – tha mi air mothachadh gu bheil a’ chlann nach àbhaist a bhith a’ dèanamh cho math ri càch, gu h-àraidh, misneachail ann a
bhith a’ togail an guthan ’s a’ toirt am beachdan seachad. Tha iad air leth onarach fhad ’s a tha iad a’ measadh obair a chèile.
Suzanne NicDhòmhnaill – Chan e a-mhàin gu bheil a’ chlann gan leigeil fhèin ris tro obair ealain, tha buaidh aige air taobhan eile den
obair-sgoile aca – tha iad nas ealanta nan cuid cànain, mar eisimpleir. Tha a’ chlann a’ cur an inntinn thuige nas fheàrr sa chlas agus tha iad
nas stolda.
Lindsay NicDhòmhnaill – Tha, tha an clas agamsa nas cinntiche asta fhèin agus tha iad tuigseach is breithneachail ann a bhith a’ measadh
obair a chèile.
Suzanne NicDhòmhnaill – Tha a’ chlann a’ faireachdainn a-nis gu bheilear a’ cur suim nan cuid bheachdan.
Christine Robertson – Tha sinn uile a’ meas nan Ealan nas cudromaiche mar chuspair. Tha deagh spiorad air feadh na sgoile.
Raonaid Brennan – (is an luchd-teagaisg uile) Tha mi a’ mothachadh barrachd do rudan - saoilidh mi gu bheil na cnuic nas soilleire, tha mi
a’ dèanamh a-mach nan dathan.
Alison Maclennan, Ceannard an Gnìomh – Abair cothrom dhan h-uile pàiste (is neach-teagaisg) a bhith ag obair le luchd-ealain
phroifeiseanta. Tha e air spiorad na coimhearsnachd san sgoil a neartachadh. Cha ghabh tomhas a dhèanamh air na tha seo a’ ciallachadh
dha gach duine cloinne fa leth. Chan e a-mhàin gun deach iad an sàs ann an obair chudromach anns an robh iad uile a’ tarraing còmhla,
agus le coimhearsnachd Shlèite san fharsaingeachd, ach bha fèin-leasachadh na chois dhaibh is misneachadh.
Christine Robertson – Tha mi air a bhith còrr is 30 bliadhna a’ teagasg, ach cha tug pròiseact san robh mise a-riamh an sàs bàrr air
an fhear sa.
Còmhraidhean
Chòrd e rium a bhith a’ sealltainn air dealbhan dhaoine eile agus a’ bruidhinn man deidhinn, agus ag innse carson a bha mi a’ smaoineachadh a bha iad math. Dh’ionnsaich mi tòrr.
Lucy P2
Bha a’ chlann tòrr na bu shaoire a’ peantadh na bha sinne. Dh’ionnsaich sinne tòrr o bhith a’ coimhead air an obair acasan. Thuirt mi rium
fhèin, ”Ma thèid acasan air a dhèanamh, nì mise e. Dè ged nach bitheadh e buileach foirfe!”. Jeanette MacLure
Caleb P4 – Tha dealbhan a h-uile duine eadar-dhealaichte seach gu bheil cuid nas fheàrr air ealain na cuid eile.
Magnus P4 – Stad ort!. Tha iad eadar-dhealaichte seach gu bheil a dhòigh fhèin aig a h-uile duine air.
Seisean-oideachaidh aig An Tuireann
Chòrd e riumsa a bhith a’ teagasg nan inbheach agus a’ stiùireadh an t-seisein-oideachaidh san Tuireann.
Bha e a’ faireachdainn math a bhith os cionn chùisean. Dh’fhaodadh tu daoine a chuideachadh ach cha bu tu fhèin a bha a’ dèanamh an
deilbh is chitheadh tu bho muigh e. Bheireadh tu cuideachadh is comhairle seachad. Thug e oirnn cuimhneachadh air na deilbh againn fhèin
is a bhith ag iarraidh fear eile a dhèanamh. Tha thu ag ionnsachadh fhad ’s a tha thu a’ teagasg. Neil P5
Ag obair air an dealbh ghual-fhiodh is air an Dealbh Mhòr fhèin
Nuair a thòisich sinn leis a’ ghual-fhiodh air a’ chiad dhealbh mhòr bha mise a’ smaoineachadh gun robh sinn a’ dol a cheangal nan dealbhan
againne uile ri chèile, ach ’s e bh’ ann ach aon dealbh mhòr is a h-uile duine ag obair còmhla oirre. Calum P5
Bha mi car draghail: chuir e iongnadh orm nuair a chunnaic mi am meud a bh’ ann. Bha dùil agam nach biodh gu leòr againn a lìonadh an
canabhas mor, ach, aon uair ’s gun do thòisich sinn, thuig mi gum bitheadh!
Ruairidh P6
Bha spioraid àraidh air feadh na sgoile aon uair ‘s gun do thòisich sinn air an Dealbh Mhòr. Nuair nach robh mi fhèin an sàs ann, bhithinn ag
ràdh rium fhìn, “Saoil dè tha iad ris an-dràsta, eil iad air na beanntan a dhèanamh fhathast no an do chuir iad crìoch air a’ chidhe?” Dor P6
32
Bha e math a bhith a’ cleachdadh nam bruisichean mòra. Chòrd e rinn a bhith a’ coiseachd air an dealbh fhad ’s a bha sinn ag obair
oirre. Cha deanadh tu buileach a-mach na bha thu air dèanamh nuair a bha thu faisg air - bha an rud fhèin cho mòr. Ach nuair a
Gheibheadh tu suas an aradh, chitheadh tu pìos bhuat e. Iseabail P7
Ag ullachadh dhan chuirm
Bhrosnaich An Dealbh Mòr mise gus an saxophone a chluiche tòrr a bharrachd, agus leig Piers dhuinn rudan a dhèanamh nach robh
sinn air dèanamh roimhe: dèanamh an-àird fhuaimean is ruitheaman. Gheibheadh sinn air fuaimean ùra fheuchainn. Thug Piers
comhairle dhuinn a bha feumail. Benny P7
Bha sinn a’ cleachdadh ar leabhraichean ann an dòigh eadar-dhealaichte. Bha na dathan leis an robh sinn ag obair saoibhir
dha-rìribh - agus bha an t-aon rud fìor mun cheòl.
Winnie P7
Bha ar faireachaidhean mun talamh agus na dathan nar deilbh a’ cur nar cinn mar a ghluaiseadh sinn is mar a dhannsadh sinn.
Jamie P7
Chaidh iarraidh oirnn deilbh a chòrd rinn nar leabhraichean a thoirt beò. ’S iad na cumaidhean nam dhealbh a chur nam inntinn na
rudan a bh’ agam san dannsa. Chuidich Clare, an neach-carachaidh, sinn.
Linda P5
Rinn mise an danns agamsa o dhealbh de mhaidean a bh’ agam nam leabhar-dhealbh. Smaoinich mi ma dheidhinn an toiseach.
Connor P2
Dannsa air beulaibh an t-sluaigh
An rud a b’ fheàrr a chòrd riumsa, ’s e nuair a bha sinn a’ dannsa agus a thàinig na solais dhathte air: solais a bha ag atharrachadh.
An fheadhainn bhuidhe is uaine a b’ fheàrr leam. Magnus P4
Bu thoigh leamsa a’ bholcàno aig Rowan. Bu thoigh leam mar a bha e a’ sputadh às. Caleb P4
An dèidh na cuirm mu dheireadh, bha thu a’ faireachdainn gun robh thu air rudeigin a choileanadh. A’ sealltainn suas is a’ faicinn
an luchd-amhairc a’ coimhead oirnn is a’ bualadh am basan. ’S e faireachdainn eagalach math a bh’ ann. Bha gàire air d’ aodann a
dh’fhuirich air. Jamie P7
Beachdan an Luchd-Ealain
“Nan dèanainnsa oidhirp air cur an cèill de seòrsa pròiseict a bh’ anns An Dealbh Mhòr mar phìos obrach, de seòrsa rud anns
an robh mi fhìn an sàs - cha b’ urrainn dhomh; chan eil comharra no cruth ann ris an samhlaich mi e. Cha b’ e ‘opera’, ballet’ no
‘musical’ a bh’ ann, ged a chaidh iadsan uile a lorg mar phàirtean dheth. B’ e tachartas a bh’ ann a chaidh a thogail air na h-ealain
faicsinneach, air dannsa, air ceòl saor-nòs agus air soillseachadh, agus bha a h-uile fear dhiubh ag obair aig ìre inbheach: cha b’ e
“pròiseact cloinne” a bh’ ann idir, ach pìos ealain.
Aig an àm a chaidh an tachartas An Dealbh Mòr a chur air adhart, bha sealbh aig a’ chlann fhèin air, agus aig Bun-Sgoil Shlèite; b’ e
obair inbheach - pìos performance art - a bh’ ann, obair a bha air fàs na pàirt mhòr den choimhearsnachd aice.”
Piers Hellawell
Tha mi a’ smaointinn gun robh e uabhasach freagarrach gun robh sinn a’ bruidhinn ann an Gàidhlig, a’ chànan aig a bheil
buinteanas ri àrainneachd an Eilein.
Sarah Nic an t-Saoir
Beachdan an Luchd-Èisteachd
Chanainnsa gu bheil An Dealbh Mòr na obair ealain choileanta. Tha e ealanta gu chùl, eadar gluasad na cloinne, an obair
charachaidh, agus an lèirsinn farsaing a thug ri chèile e. Cò bha dol a ràdh, às dèidh siud, nach eil clann a’ tuigsinn na tha
eas-cruthach. Cainnt-ealain a bh’ ann, gu tur. Ciamar a nì mi luaidh air?
Meg Bateman
Tha a h-uile càil aige a bheir soirbheachas dha: dìlseachd, mac-meanmna agus luchd-ealain sgileil a’ dol gu dealasach an sàs ann. Jim Tough, Ceannard nan Ealan, Comhairle Ealain na h-Alba (SAC)
Dh’obraich a’ phròiseact seo fìor mhath aig iomadach ìre. Foghlam mar bu chòir.
Tormod MacGilliosa Stiùiriche, Sabhal Mòr Ostaig
33
REFLECTIONS ON AN DEALBH MÒR
Lasair Ealain
It was exciting getting our first cheque after all our work and writing all these letters.
It was different that our friends were running the project. We knew our ideas would be listened to.
Do you see your surroundings differently now?
I liked the freedom of sitting down to do my own painting. We were able to draw what we saw combined with our own imagination.
Elspeth P5
When you are painting you don’t just look at a view once, you don’t draw it instantly, you have to look at it a few times before you get it right
in your head . Seumas P4
We appreciate where we live more. Marie P6
On tone, texture and colour
Sometimes you don’t get the right colour at first, sometimes you have to look at the shades and the different textures before you can get the
right colour. We learnt to paint in layers using under-colours which makes the painting look better, more real. Fiann P4
I see that sometimes the mounains are blue, sometimes they’re pink. Robbie P4
It was good to learn new techniques like how you make cool colours and warm colours. Criòsdean P7
What did you learn most?
I liked the art trips. I liked choosing our own view and not being made to draw something I didn’t want to. It meant you could play to your
strengths. You do your best when you are interested in what you are drawing. We had more choice and therefore more responsibility for
ourselves. It is good to be different from the others. Linda P5
It was good to use high quality paint and materials (brushes, paper etc). The quality of paint is very bad in schools as the council are also
worried that the younger ones might eat it but we don’t do that when we are older. It was good not to be treated like little children but be
allowed to fulfil our full potential with such good colours. And the younger ones also enjoyed this without mucking about . Mairi P7
We were encouraged to change things or improve on something but nothing was ever actually wrong. Raonaid P7
I liked using the professional art palettes the best because it’s better than the squishy paint that you get that you can’t really mix.
Matthew P4
Children’s reflections on the project
It was a once in a lifetime chance. Linda P5
It was great to have the teachers learning with us. We were all equal. I felt no-one was treated higher than me and no-one was below me.
We all worked together. It was like a savings account – all the work that you put in was paid back out to you in reward – and MORE!
Dor P6
The paintings were all different. They were all about each person and expressed our own feelings in the painting. This allows the spectator
to see their own feelings in the pictures depending on their mood. When the sun was out you can see the rain glistening and put that into
your painting which is really beautiful. I liked being able to express my mood that day through the painting or drawing I was making.
Mairi P7
It is interesting the way you paint freely when you are young but that gets more difficult to achieve when you are older. Steaphanaidh P 7
I liked the way we were working with different classes so sometimes I was painting with a P1.
Rhiannon P4
Low Points!
I didn’t like the midges, raindrops smudging my drawing – and people distracting me. Finlay P4
I got annoyed with People standing on my paintings. Michael P4
35
Teachers reflections (in conversation with artists)
Jeanette MacLure/Christine Robertson : All the artists were so encouraging. You (the artists) looked at a child’s drawing and never ever ran a
child’s work down. You just said to a child that they could improve on it by doing such and such – and in a calm, quiet manner. So
encouraging all the time, and encouraging us, the teachers, as well. Just perfect.
Julie Brook : It’s a very genuine process, that. What you are doing is revealing yourself in your drawing, in a sense for yourself. The role that
we (the artists) play is that we can see some of that happening and then we can try and open more doors for you. There is something so
exciting about someone expressing themselves genuinely – you can’t help but be encouraging.
Christine Robertson :The children picked up on that method and when they ran a workshop themselves at An Tuireann they had the same
approach as the artists – very encouraging.
Gail Brown - I’ve noticed, that especially the normally underachieving pupils seem to be much more confident and vocal in giving feedback.
They are very honest with each other.
Suzanne MacDonald -Not only are the children having the opportunity to express themselves through art, it is having a positive knock-on
effect to other areas of their schooling – their use of language is improving for example. The children are generally more focused and settled
in class.
Lindsay MacDonald - Yes, my class are also now very confident and mature in their approach to assessing each other’s work.Suzanne MacDonald - The children now feel that their opinions are respected.
Christine Robertson -We all now take Art as a subject a lot more seriously. There is a very positive atmosphere in the school.
Raonaid Brennan ( and all the teachers)Now I am seeing things and noticing things more – the hills look clearer, I see the colours better.
Alison Maclennan ( Head Teacher) - What a fantastic opportunity for every child (and teacher) to work with arts professionals. It has built on
the ethos of “community” in the school. It truly is immeasurable what it has meant to each and every child. They have had the opportunity
not only to work on something “huge” together and with the wider community of Sleat, but to develop themselves as individuals and grow in
confidence.
Christine Robertson - In over 30 years of teaching, this is by far the best project that I have ever been involved in.
Discussions
I liked looking at other people’s drawings and talking about them, and saying why I thought they were good. I learnt a lot. Lucy P2
The children were so much freer than us in their painting, we learnt a lot from looking at their work. I thought if the children can do it, so can
I, and it doesn’t matter if it’s not right.
Jeanette Maclure
Caleb P4 - Everyone’s drawings are different because some people are better at drawing than others.
Magnus P4 - No, everyone’s drawings are different because everyone draws differently.
An Tuireann workshop
I liked teaching the adults and leading the workshop at An Tuireann. It felt good to be in charge.You could help the people but you weren’t
actually doing the painting yourself so you could see the drawing from the outside and suggest helpful options for them to choose from. It
made us remember our paintings and want to do another.mWe are also learning when we teach. Neil P5
Working on big charcoal composition and big painting
When we started the big charcoal drawing I thought that we were just going to join all our pictures together but in fact it was one big picture
with all of us working together on it. Calum P 5
I was a bit worried: I was a bit shocked by the size when I first saw it.I thought we wouldn’t have enough to fill the huge canvas, but when I
started I realised we would! Ruairaidh P6
There was a bit of an electric aura in the school when we were doing the big painting. When I wasn’t working on it, I was wondering about
which bit was being painted now, wondering if they had done the mountains yet or if they had finished the pier.
Dor P6
It was good to use big brushes.We liked walking on the painting as we worked on it. We couldn’t quite see what we were doing when we
were close up because things were so big. It was good to go up a ladder and see from afar what we had just been painting. Isabel P7
36
Developing the performance
An Dealbh Mòr inspired me to play the saxophone much more, and Piers let us do lots of things we hadn’t done before, making up sounds
and rhythms.We were able to experiment with new sounds .Piers gave lots of helpful advice Benny P7
We were using our books in a different way. The colours we were working with were very rich and the music was rich as well. Winnie P7
The feel of the land and the colours in our paintings and drawings expressed movement and the way we danced.
Jamie P7
We were asked to kind of act out a favourite drawing from our books. It was mostly the shapes in my drawing that made me think of my solo
dance piece. Claire, the Choreographer, helped us.
Linda P5
I made my dance from my drawing of sticks in my sketch book.. I thought about it first.
Connor P2
Performing for the public
My favourite part was when we were doing the dancing and all the colourful lights went on, lights that changed, yellow and green were my
favourite. Magnus P4
I liked Rowan’s volcano. I liked shooting out.
Caleb P4
The feeling after the last performance, it felt like you had really achieved something. Just looking up at the audience looking down on us,
clapping, it was a great feeling. You just couldn’t stop smiling. Jamie P7
Artists Comments
“When I try to describe An Dealbh Mòr as a piece of work in which I was involved - as a genre - I can find no formulation. It was not an
opera, a ballet, a ‘show’, a ‘musical’ or ‘a project’, though it had elements of all those. It was a performance built out of modern dance,
improvised music, the visual arts and lighting, and every one of those media was in its adult plumage. The children had taken ownership of
the work by the time it was presented,- it was a grown-up work of performance art that became part of its community.”
Piers Hellawell Composer
I felt that speaking in Gaidhlig was very appropriate as it is a language that relates directly to the landscape of the Hebrides and many
Gaidhlig words lose some of their meaning when translated.
Sarah MacIntyre Gaelic artist
Audience Comments
I think An Dealbh Mor is a consummate work of art. It was very artistic in every detail, the children’s movement and painting, the music, the
choreography, and the overall vision that brought it all together. I defy anyone to say children don’t understand the abstract after that. It was
100% artistic language. I can’t say “Well done” enough! Dr. Meg Bateman
It has the essential qualities for success; commitment, imagination and the enthusiastic involvement of skilled artists.
Jim Tough Head of Arts, Scottish Arts Council (SAC)
This was an excellent project operating at many different levels. Education as it should be.
Tormod MacGilliosa Director of Sabhal Mòr Ostaig
Ongoing Inspiration
Now I stop and look sometimes when I’m out and I want to draw the shapes, sometimes it’s the colours.
Rowan P4
If it’s before dawn, the sky’s really bright and red and pink and orange. When the sun is rising, the sky’s just nice to draw. I know how to
paint it now. Donnie P3
I’ve got a croft at my place and I’ve been doing sketches of it and it is just good to draw. You can use planks of wood to put your book on.
Donnie P3
37
An Dealbh Mòr - A’ Chlann/Children
Jack Alldridge | Donnie Belcher | Amy Bisland | Finlay Bolas | Lewis Bolas | Ruairidh Bolas | Connor Booth | Colm Boyd
Artair Brook Young | Stella Brook Young | Winnie Brook Young | Brìghde Chaimbeul | Ciorstaidh-Sarah Chaimbeul
Màiri Chaimbeul | Steaphanaidh Chaimbeul | Ciorstaidh Chaimbeul Guion | Ruairidh Caimbeul Guion | Sam Collins | Andrew Coogan
Danni Coogan | Ali Cook | Kirsty Cook | Kylie Dhòmhnallach | Shannon Dhòmhnallach | Crìsdean Dòmhnallach
Rowan Dust Ambler | Benny Goodman | Romy Goodman | Seumas Gorman | Sinead Gorman | Robbie Greig | Fearghas Greumach
Lucy Hannah | Uilleam Hannah | Duncan Hanson | Brèagha Hayes | Elspeth Hayes | Dor Hyslop | Heather Kingsman
Kyle Kingsman | Rhiannon Knight | Angus Law | Freddie Law | Sam Lawson | Lilian Logan | Gabriel Lucas Davidson
Pàdraig Lucas Davidson | Calum MacAoidh | Victor MacConghail | Ross MacCoinnich | Jamie MacDonald | Finlay MacFadyen
Alasdair MacFhionghain | Calum MacFhionghain | Jack MacGilliosa | Jamie MacGilliosa | Neil MacInnes | Ian MacKenzie
Mathew MacKinnon | Kenneth MacLeod | Finlay MacLeod | Steven MacLeod | Fiann MacLeòid | Hamish MacLeòid
Robbie MacNeacail | Ùisdean MacNeacail | Hal Marsh | Leo Marsh | Fionn McKee | Michael Meechan | Siobhan Meechan | Sophie
Mhoireasdan | Archie Millsop | Calum Moireasdan | Elliot Moore | Caleb Moore | Lois Moore | Lydia Moore | Ruairidh Morrison
Marsaili NicAoidh | Rhona NicAoidh | Elizabeth NicAonghais | Rosie NicAonghais | Mairi NicConghail | Christie NicFhionghain
Marie NicFhionghain | Shona NicFhionghain | Anna NicLeòid | Raonaid NicLeòid | Islay Nicolson | Iseabail NicRath | Magnus Noakes
Aonghas O’Miadhachain | Lillie O’Miadhachain | Seumas O’Miadhachain | Calum Robasdan | Eilidh Robasdan | James Robertson
Linda Spence | Lewis Threlfall | Robbie Threlfall | Mairead Urchadan | Daniel Williams
Tìdsearan/Teachers
Alison MacLennan | Christine Robertson | Susanne Dhòmhnallach | Lyndsay Dhòmhnallach | Raonaid Brennan | Sarah Houston
Jeanette MacLure | Gail Brown
Luchd-ealain/Artists
Julie Brook Catrìona NicLeòid Sarah Jane Nic an t-Saoir Piers Hellawell Claire Pençak 39
(Prìomh Neach-ealain/Lead Artist)
(Neach-ealain Gàidhlig/An Tuireann/Gaelic Artist)
(Neach-ealain Gàidhlig/ Gaelic Artist)
(Neach-sgrìobhaidh Ciùil/Composer)
(Stiùiriche Carachaidh/Director of movement)
Taisbeanaidhean
Sultain 24 – Samhain 5 2005
Màrt 9,10,11,17,18 2006
Màrt 10 – Ògmhios 30 2006
Màrt 3 – Giblean 14 2007
Cèitean 19 - Ògmhios 2 2007
Ògmhios 11 – 22 2007
An Tuireann, An t-Eilean Sgitheanach
Taisbeanaidhean beò aig Sabhal Mòr Ostaig
Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach
An Tuireann (Ionad Ealain), Port Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach
An Lanntair, Steòrnabhagh, Eilean Leòdhais (le Pàrlamaid na Cloinne, Uibhist)
Pàrlamaid na h-Alba, Dùn Èideann mar phàirt de Bhliadhna Chultair na Gàidhealtachd 2007
Taisbeanadh a’ dol: Taisbeanadh maireannach den dealbh ghual-fhiodh ann an Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach
Bathar ri fhaighinn: DVD le dealbh-aithriseach den taisbeanadh air fad.
Exhibitions
September 24 – November 5 2005
March 9th,10th,11th,17th,18th 2006
March 10th – June 30th 2006
March 3 – April 14 2007
May 19 - June 2 2007
June 11 – 22 2007
An Tuireann, Skye
Live Performances at Sabhal Mòr Ostaig
Sabhal Mòr Ostaig. Isle of Skye
An Tuireann, Skye
An Lanntair, Stornoway, Lewis
With the Children’s Parliament, Uist
Scottish Parliament, Edinburgh as part of the Highland Year of Culture 2007
Ongoing: Permanent display of Large Charcoal drawing in Sabhal Mòr Ostaig, Skye
Also available: DVD of Documentary and Full performance.
Luchd-fios | Contacts
Lasair Ealain
Bun-sgoil Shlèite
An t-Eilean Sgitheanach IV44 8RF
[email protected]
Julie Brook (Priomh Neach-ealain)
01471 844 235
[email protected]
Catrìona Nìcleòid (An Tuireann )
01478 613306
[email protected]
www.antuireann.org.uk
Buidheachas
Catalog agus Dealbh Chòmhdaich: Lasair Ealain le Julie Brook, Kath NicLeòid agus Steven McKenzie
Dealbhan Camara: Julie Brook, Kath NicLeòid agus Steven McKenzie
Neach-rianachd pròiseict: Claire NicNeacail
Tha sinn fada an comain an luchd-ealain, nan tidsear, nam pàrant agus luchd na coimhearsnachd a chuidich le bhith a’ toirt a’ phròiseict seo gu buil.
Taing do Chomhairle na Gaidhealtachd, Buidhnean Leader nan Eilean Siar, an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse + agus dhan Tuireann a chur maoineachadh a bharrachd mu choineimh a’ chatalog.
Acknowledgements
Catalogue and Cover design: Lasair Ealain with Julie Brook, Kath Nicleòid and Steven McKenzie
Photography: Julie Brook, Kath Nicleòid and Steven McKenzie
Project Administrator: Claire Nicolson
Our sincere thanks to the artists, teachers, parents and community members who have helped make this project happen.
Thanks to Highland Council, Western Isles Skye and Lochalsh Leader+ and An Tuireann for additional funding for the catalogue.
Prìomh luchd com-pàirt/Goistidhean
Major funders | Partners:
Urras Trèanaidh
Telebhisein Gàidhlig
Sabhal Mòr Ostaig
Sponsairean
Sponsors
40

Similar documents

A` glacadh iongantas Earra

A` glacadh iongantas Earra air soirbheachadh, ràinig iad EarraGhàidheal agus dh’ aithnich iad gun robh iad air àite sònraichte a lorg, pàirt de dh’ Alba a bha cho sònraichte beartach le mullaichean cnuic, oirthirean, coillte...

More information